Scots Gaelic Bible

 

The Gospel According to Saint Mark

 

Chapter 11

 

 

1.

 

Agus nuair thainig e teann air Ierusalem is Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil,

    
 
 

2.

 

Is thuirt e riutha: Siubhlaibh don bhaile a tha mur coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheibh sibh asal og an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh is thugaibh an so e.

    
 
 

3.

 

Agus ma their duine sam bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air, agus tillidh e e san uair.

    
 
 

4.

 

`Sa dol air an adhart fhuair iad an t-asal ceangailte air taobh mach a gheata aig coinneachadh da rathaid; is dh` fhuasgail iad e.

    
 
 

5.

 

Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha `nan seasamh an sin riutha: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh an asail?

    
 
 

6.

 

Is thuirt iad riutha mar a dh` orduich Iosa dhaibh, is leig iad leo e.

    
 
 

7.

 

Agus thug iad an t-asal gu Iosa; is chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air.

    
 
 

8.

 

Is sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile geugan chraobh agus sgap iad air an rathad iad.

    
 
 

9.

 

Agus ghlaodh an fheadhainn a chaidh roimhe, `sa lean e, ag radh : Hosanna:

    
 
 

10.

 

Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Daibhidh a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh.

    
 
 

11.

 

Is chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; `s an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bha `m feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dha dhiag.

    
 
 

12.

 

`S an ath latha nuair a chaidh iad a mach a Betania, bha acras air.

    
 
 

13.

 

`S nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dh` fhaoidte dad oirre; `s nuair a rainig e i, cha d` fhuair e ach duilleagan: oir cha robh am nam figis ann.

    
 
 

14.

 

`Sa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu brath na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn.

    
 
 

15.

 

Is rainig iad Ierusalem. `S nuair a chaidh e stigh don teampull, thoisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, `s na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, is cathraichean luchd-reic chalman.

    
 
 

16.

 

`S chan fhuiligeadh e gun giulanadh neach sam bith saghach tromhn teampull:

    
 
 

17.

 

Is theagaisg e, ag radh riutha: Nach eil e sgriobhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighsa am measg nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth.

    
 
 

18.

 

Agus nuair chuala na h-ard-shagairt `s na Sgriobhaich so, dh` iarr iad ciamar a dh` fhaodadh iad cur as dha: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg.

    
 
 

19.

 

Agus nuair thainig am feasgar, chaidh e mach as a bhaile.

    
 
 

20.

 

`S nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean.

    
 
 

21.

 

Is Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh fhige, a mholluich thu, air seargadh as.

    
 
 

22.

 

Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Biodh creideamh Dhe agaibh.

    
 
 

23.

 

Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so ; Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh na chridhe, ach a chreideas gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha.

    
 
 

24.

 

Air an aobhar sin tha mi ag radh ribh: Ge b` e ni dh` iarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, is thig e gur n-ionnsuidh.

    
 
 

25.

 

`S nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh, ma tha dad agaibh an aghaidh duine sam bith los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse.

    
 
 

26.

 

Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse.

    
 
 

27.

 

Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. `S nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh,

    
 
 

28.

 

Is thuirt iad ris; Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nithean so? is co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh?

    
 
 

29.

 

Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: Cuiridh mise aon cheist oirbh, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamnh nan nithean so.

    
 
 

30.

 

Baisteadh Eoin, an ann bho neamh, no bho dhaoine a bha e? Freagraibh mi.

    
 
 

31.

 

Ach smaoinich iadsan annta fhcin, ag radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Carson ma ta nach do chreid sibh e?

    
 
 

32.

 

Ma their sinn : bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh.

    
 
 

33.

 

`Sa freagairt thuirt iad ri Iosa: Chan eil fhios againn. Is thuirt Iosa riutha, `s e freagairt: Cha mhua dh` innseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.

    
 
 

Mark 12

 

 

 

 

 
 
HTMLBible Software - by johnhurt.com